×
Corrigir

An Dean Thu M' Fhàgail?

Rachel Walker

Rinn ni dhomh innse nach biodh tu dìleas
Bhuail e m' inntinn iomadach uair
A d' bhriathran mìlseachd mheall mo chrìdhsa
A dh'andeoin ditheadh mo chin

An dean thu m' fhàgail tràth air mhadainn
Mar nì faileas oidhche ri boillsgeadh grèin?
Is ceann an làtha seo 'm bì mi cràiteach
Gun ghaol, gun ghàire, leam fhèin?

Ged fhuair sinn eòlas air iomadach sòlas
Ged bh' ar stòras loma làn
Cha b' e gu leòr leat blàs mo phògan
Chaidh thu 'n tòir air cuid chàich

Dè ceann Iùil dhuit is càit an stiùir thu?
Bheil do dhùils' air àite taimh?
Ged tha do chùl rium 's deòir am shùilean
Riut bi m' dhùrachd ri m' bheò

Gun ghaol, gun ghàire, leam fhèin?






Mais tocadas

Ouvir Rachel Walker Ouvir